Speaker: Daibhidh

Scottish Gaelic language wiki ethnologue
Indo-European language family wiki
Latin script scriptsource
Roman Catholic Church wiki

Sign of the Cross

An ainm an Athar, agus a Mhic, agus an Spioraid Naoimh. Amen

Lord's Prayer

Ar n-Athair, a tha air nèamh, gum bu naomh a bhios t' ainm, gun tigeadh do rìoghachd, gun dèanar do thoil air talamh mar a thathas ga dèanamh air nèamh. Thoir dhuinn an diugh ar n-aran làthail math dhuinn ar fiachan, mar a mhathas sinne do luchd ar fiach. Agus na leig ann am buaireadh sinn. Ach saor sinn bhon olc. Amen

Hail Mary

Fàilte dhut, a Mhoire, tha thu làn de na gràsan tha an Tighearna maille riut is beannaichte thu am measg nam mnà, agus is beannaichte toradh do bhronn, Ìosa. A Naomh Mhoire, a Mhàthair Dhè, guidh' air ar sonne na peacaich a nis agus aig uair ar bàis. Amen

Gloria Patri

Glòir don Athair, agus don Mhac, agus don Spiorad Naomh. Mar a bha, 's mar a tha, 's mar a bhitheas, fad shaoghal nan saoghal. Amen

Apostles' Creed

Creideam ann an Dia, an t-Athair uile-chumhachdach, Cruthadair neimh agus talmhuinn. Agus ann an Ìosa Crìosda, 'aon Mhac-san, ar Tighearna, a ghineadh leis an Spiorad Naomh, a rugadh le Moir' Òigh, a dh'fhuilig fo Phontius Pilat, a cheusadh, a fhuair bàs, is a thìodhlaiceadh, a chaidh sìos a dh'ifrinn, a dh'èirich an treas latha bho an mairbh, a chaidh suas air nèimh, a tha na shuidhe air deas làimh Dhè an t-Athair uile-chumhachdach, a sin thig e rithis a thoirt breitheanais air bheò is air mhairbh. Creideam anns an Spiorad Naomh, an Eaglais naomh Chaitligeach, co-chomann nan Naomh, mathanas nam peacannan, aiseirigh na colainne, is a' bheatha shìorraidh. Amen